Bàrdachd Na Sgìre
Nam òige an seo ann an Leòdhas, bhathas tric ri bàrdachd, mus tàinig cur seachadan dripeil an latha an diugh. Bha inntinn dhaoine air ghleus a gabhail eala ri cainnte agus cruth na chùirt, a thàinig a nuas tro lìnntinn am beul aithris.
Cha robh a bhàrdachd fada bhuapa a snaim clò, no spealadh, no biathadh lion, no coiseachd astar air a’ mhonadh. Chuireadh e seachad an inntinn fhad ’s a bha an corp ri gnìomh.
Bha na rannan a togail air dòigh labhairt, ag atharrais air gluasad bodhaig, sunnd agus meòirsean. Thogadh a’ bhàrdachd beachdan, abairtean, is faireachdainn dhaoine thall sa bhos. Bha an luchd èisteachd a greimeachadh agus ag ath aithris na rannan gus an biodh e air an cuimhne.
An robh dad as ur? An robh ràbhd aig duine, no rud èibhinn ri ise? Chuireadh iad loidhne air marbh rann, nuair a bha briseadh an teaghlach no coimhthional a cheart cho obann.
Dh’fhalbh na lathaichean sin.
Ach tha cruinneachaidhean de bhàrdachd againn a chaidh a chruinneachadh à cuimhne dhuine, a doimhneachd na cùlaiste, à pasgan a bha air dhi-chuimhne an cùl drabhair, cuimhneachain a chaidh a thoirt seachad uaireigin.
Uaireigin bhiodh cuid de naidheachdan na sgìre, ann am bàrdachd, biodh sinn cràdh, moladh, gràinne no gaol. Tha iomradh air dòigh beatha nan eilein: croitearachd, maraireachd, cogadh agus ceàrd, unnta cheudna.
Chaidh cruinneachaidhean bàrdachd a chur an clò anns Na Hearadh agus air Na Lochan anns na fichead bliadhna mu dheireadh. Tha sinn fortanach gun gabh greimeachadh ris a’ chainnt agus na suidheachaidhean anns a bhàrdachd sin an-diugh.
San leabhar Sgìre a’ Bhradan tha bàrdachd à Ceann a Loch na bailtean: Airidh a Bhruthaich, Baile Ailein, Ceòs agus Lacasaigh.
Anns an leabhar Polgorm Memories tha rannan a rinn John Murdo Eachainn à Lacasaigh (1932-2010). Tha an dà leabhar rim faighinn bho Comann Eachdraidh Cheann a Tuath Nan Loch kinlochhistorical@hotmail.co.uk
San leabhar Laoich nan Òran tha bàrdachd à Ceann a Tuath nan Loch: An Achadh Mhòr, Crosbost, Griomisadar, Liùrbost agus Ranais.
Bannaimh nach Gann sinn an cruinneachadh bàrdachd aig an t-Urramach Murchadh Mac a Ghobhainn à Liùrbost (1878-1936) Tha an dà leabhar seo à Ceann a Tuath nan Loch ri faighinn bho Comann Eachdraidh na Sgìre donna.scobie@hotmail.com
Tha Bàrdachd na Hearadh, Bàrdachd Sgalpaigh agus leabhar Bàrd Chliùthair, rim faighinn bho Comhairle nan Leabhraichean brath@gaelicbooks.org.
Magaidh Nic a Ghobhainn
0 Comments